Pluto
Pàdraig MacAoidh
(An dèidh Masadonais Katica Kulavkova)
Seo mi, ma tha sibh gam aithnicheadh, neo fiù’s mura h-eil,
a’ coimhead oirrbh bho oir an rìan-grèine,
mar gum b’e aonaran a bh’unnam
a’ fuireach a-muigh ràthad na mòintich
le prosbaig aig gach uinneag.
Can sibh gu bheil mi ‘iomallach’
ach tha mi an teas-mheadhan an neonitheachd agam fhìn,
Seo mi, cho ifrinneach sa shaoileadh tu:
le mo bheanntan ’s mo raointean reòite
’s mo bhrat meatain, naidhtreoidsein ’s CO2.
Tha mi cho puinnseanta ri là shàmhraidh ann an Nis.
Cha tig ur sòlas faisg orm, ’s co-dhìu aon chas agam
ann an dorchadas bith-bhuanta.
Tha mi ag ràdh ‘bith-bhuanta’ ach
Fad’ on robh mi a’ tuigsinnn tìde idr,
agus e air tighinn a-steach orm nach eil
mothaid cudromach ann an dòigh sam bith.
Tha mi nas tana na na Stàitean Aonaichte
ach tha coig gealaich agam ’s mi ag iarraidh tuilleadh baby.
Tha mi a’ gabhail sùil air croit Aonghas Phrionns’.
Seo mi, a’ seinn ‘Teann a-nall ’s thoir dhomh do làmh’
ann an oisean taigh-seinnse àiteigin ann an Glaschu
ach ged a bha mi riamh coimhead orm fhìn mar mheall den òr
chan eil duine a’ toirt suim dhomh.
O tha buannachdan ann a bhith neo-aithnichte,
a bhith beò air crìoch eadar dà ughdarras.
Aig a’ ghairm mu dheireadh thig mi sgrìob leam fhìn.